Airdabhaigh, Carinish, North Uist, HS6 5HL
Floraidh1@aol.com
Tel 01876580611
Residential
Craft Courses
© 2006 All Rights Reserved Tomas Domhnallach
Air fhoillseachadh an toiseach ann an 2005 le Clò na Cloiche Gainmhich
Bogsa-Puist 5725, Inbhir Pheofharain, Siorrachd Rois IV15 9WJ, Alba
© 2005 Flòraidh NicDhòmhnaill
Chaidh coir dhligheach an ùghdair agairt a rèir an Copyrights, Designs and Patents Act 1988
Tha an sgeulachd seo air a h-aiseag tro PDF a tha ga reic air a' chùmhnant
theann gu bheil i ri leughadh air uidheam an aiseig a-mhàin agus an dèidh
dhi bhith air a ceannach nach tèid a gluasad gu uidheaman eile, no a
foillseachadh no a malairt air mhodh sam bith eile, gun chead sgrìobhte a
bhith air fhaighinn a dh'aona ghnothach on fhoillsichear.
LAGE/ISBN 1-905207-01-8
Am PDF air a dhealbhadh is air a chlò-chur le Edward Garden Graphic Design,
Inbhir Pheofharain, Siorrachd Rois, Alba
Litir à Ameireagaidh
Flòraidh NicDhòmhnaill
Tha an sgeul seo ag innse mu bheatha Dhòmhnaill Iain. Bliadhnaichean an dèidh a’ Chogaidh Mhòir, nuair a bha e sna ficheadan, dh’fhàg e Uibhist is chuir e aghaidh air tìr‑mòr. Fhuair e obair na phoileasman, an toiseach an Glaschu agus an uair sin ann an New York. Ràinig e an teis‑meadhan Prohibition.
Tha an sgeul a’ dèanamh aithris air na camaidhean is na lùban a ghabh a bheatha. Tha dealbh ann air caractar an duine, na ceistean a bha e a’ faighneachd dheth fhèin agus na co‑dhùnaidhean a bha e a’ dèanamh. Tha na ceistean seo a’ cur smaointinn air an leughadair cuideachd: an ann rinn fhìn a tha e am freastal mar a tha sinn gar giùlain fhìn air ar cuairt beatha neo a bheil e am freastal nan suidhichidhean poilitigeach is eaconomaigeach anns a bheil sinn beò?
Tha faireachdainnean is smaointean Dhòmhnaill Iain gu math nàdarra agus a’ bualadh air a’ chuid as motha againn: gaol is gràin, pòsadh is sgaradh‑pòsaidh, foill is fòirneart, soirbheachadh is bristeadh‑dùil, amannan rèidh is mì‑rèidh.
Tha aithris ghoirid ann air na rudan a tha a’ toirt cumadh air ar cuairt beatha, agus air mar a bha Dòmhnall Iain am freastal an rud a bha an dàn dha aig deireadh a chuairt. “An rud a chuireas duine, ’s e a dh’fheumas e a bhuain.”
An t‑Ùghdar
Rugadh is thogadh Flòraidh NicDhòmhnaill ann am Beinn na Fadhla. Chaidh mac‑meanmna cruthachail a bhuileachadh oirre. Thug i a sgilean sgrìobhadh bho fhear dha càirdean, an t‑Urr. Aonghas MacDhòmhnaill, fear dhan dithis a sgriobh eachdraidh Chlann Dòmhnaill.
Tha Flòraidh an sàs ann an ceithir seòrsaichean sgrìobhaidh: nobhailean , sgeulachdan, goirid, bàrdachd agus drama. Tha a’ chuid as motha do chloinn. Tha i air trì nobhailean chloinne a sgrìobhadh: Dìomhaireachd Caisteal Bhuirgh (Comunn na Gàidhlig is Acair, 1993), An Dìleab (Acair, 1999) agus Reubairean Roisinis (Acair agus an Stòrlann, 2001). Chaidh Dìomhaireachd Caisteal Bhuirgh a leughadh air rèidio agus a shealltainn air telebhisean, agus an‑uiridh bha e air fear dhe na deich leabhraichean a thaghadh airson cuairt dheireannach Tha i air sgeulachdan a sgrìobhadh airson foghlam Gàidhlig agus airson a’ phrogram telebhisean Baile Mhuilinn cuideachd.
Cheumnaich Flòraidh bho Oilthigh Shrath Chluaidh ann an 1993. Tha i a‑nis a’ fuireach ann an Uibhist a Tuath, far a bheil i an sàs anns na h‑ealain Ghàidhlig. Tha i air còmhlain a stèidheachadh a bhios a’ peantadh, a’ seinn agus ag obair air eachdraidh ionadail.
